Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 5

Dè Tha Miann Dhè airson na Talmhainn?

Dè Tha Miann Dhè airson na Talmhainn?

1. Carson a chruthaich Dia an talamh?

Thug Iehòbha an talamh gu mac an duine. ’S e ar dachaigh a th’ann. Mar sin, cha robh a’ chiad daoine, Adhamh is Eubha, air an cruthachadh airson a fuireach anns na nèamhan—chruthaich Dia na h-aingealan mar-tha airson a bhith anns na nèamhan. (Iob 38:4, 7) Air an làimh eile, stèidhich Dia a’ chiad duine ann am Pàrras tlachdmhor, air ainmichear an gàrradh Edein. (Genesis 2:15-17) Thug Iehòbha dhasan agus an sliochd dùil a bhith fuireach air an talamh gu bràth.—Leugh Salm 37:29; 115:16.

Aig an toiseach ’s e dìreach an gàrradh Edein a bha na pàrras. Bu chòir dha a’ chiad chàraid-phòsta a lìonadh an talamh leis an sliochd aca agus a ceannsachadh an t-saoghal gu lèir agus ga dhèanamh na pàrras. (Genesis 1:28) Cha bhi an talamh tighinn gu sgrios idir. Bidh e an dachaigh mac an duine gu sìorraidh.—Leugh Salm 104:5.

Seall air a’ bhideo Carson a Chruthaich Dia an Talamh?

2. Carson nach eil an talamh na pàrras a nis?

Cha robh Adhamh is Eubha umhail ri Dia. Air sgàth sin chuir Iehòbha iad a-mach às a’ ghàrradh. Bha pàrras air chall agus cha b’urrain duine sam bith ga thogail as ùr. Tha am Bìoball ag radh: “Thugadh an talamh ann an làimh an aingidh.”— Iob 9:24.—Leugh Genesis 3:23, 24.

A bheil Iehòbha air fhàgail am miann aige bho thùs airson a chinne-daonna? Chan eil! Tha esan Uile-Chumhachdach. Chan urrain dha fàilligeadh. (Isaiah 45:18) Tha esan a’ dol a thogail as ùr mac an duine san dòigh bu chòir dha a bhith.—Leugh Salm 37:11, 34.

3. Ciamar a bhios Pàrras air thogail as ùr?

Bidh pàrras air thogail as ùr nuair a tha Ìosa a’ riaghladh mar rìgh anns an Rìoghachd Dhè. Anns a’ bhlàr-cogaidh air ainmichear Armagedòn, stiùirichidh Ìosa na h-aingealan Dhè agus cuiridh e gu sgrios iad a tha an aghaidh Dhè. An uair sin cuiridh e Sàtan dhan phrìosan airson 1,000 bliadhna. Fuirichidh muinntir Dhè beò tron sgrios seo, oir bidh Ìosa gan stiùireadh agus cumail sàbhailte. Agus còrdaidh beatha mhaireannach riutha san pàrras air an talamh.—Leugh Taisbeanadh 20:1-3; 21:3, 4.

4. Cuin a thig crìoch dhan a h-uile èiginn?

Cuiridh Dia crìoch air olc air an talamh, ach cuin a thachras seo? Thug Ìosa soidhne gus sealltainn cuin a bhios an deireadh seo faisg. Tha cùisean an latha an diugh a’ cuir mac an duine ann an cunnart agus a’ sealltainn gu bheil sinn a’ fuireach anns “na làithean deireannach.”—Leugh 2 Timòteus 3:1; Lùcas 21:7-14.

Nuair a bhios Ìosa a’ riaghladh anns na nèamhan, bheir e a h-uile fulang gu deireadh air an talamh. (Isaiah 9:6, 7; 11:9) Cuideachd le riaghladh mar rìgh bidh Ìosa na h-Àrd-Shagart agus a cuir às nam peacaidhean de dhaoine aig a bheil gràdh air Dia. Air sgàth seo, cuiridh Dia às tinneas, seann-aois agus bàs tro Ìosa.—Leugh Isaiah 25:8; 33:24.

5. Cò bhios a’ fuireach anns a’ Phàrras?

Aig an Talla Coinneimh, bidh thu a’ coinneachadh daoine gasta aig a bheil gràdh air Dia

Bidh daoine a tha umhail ri Dia a’ fuireach ann am pàrras. (1 Eòin 2:17) Chuir Ìosa a dheisciobail a-muigh airson a lorg daoine macanta agus foghlam a chuir tharais mu ciamar a leanas iad a’ mhiann Dhè. An-diugh tha Iehòbha ag ullachadh milleanan de dhaoine airson beatha anns a’ phàrras air an talamh san àm ri teachd. (Sephaniah 2:3) Aig Tallachan Coinneimh Fianaisean Iehòbha, ionnsaichidh daoine a bhith càraidean-phòsta agus pàrantan nas fheàrr. Bhiodh teaghlaichean a’ dèanamh adhradh còmhla ri chèile agus ag ionnsachadh mu na beannachdan a gheibh iad bhon deagh-naidheachd.—Leugh Micah 4:1-4.