EARRAN 7
Cò a Bha Ann an Iòsa?
Chuir Iehòbha Iòsa gu na talmhainn. 1 Eòin 4:9
Ma tha sinn airson toileachas a thoirt do Iehòbha, feumaidh sinn èisteachd ri pearsa eile a tha glè chudromach. Fada mun do chruthaich e Adhamh, chruthaich Iehòbha pearsa cumhachdach spioradail ’s na nèamhan.
Troimh thìde chuir Iehòbha am pearsa seo gu bhith air a bhreith ann am Betlehem le maighdeann ris an canar Muire. Thugar an t-ainm Iòsa air a mhac-pàiste.—Eòin 6:38.
Mar duine air an talamh, sheall Iòsa mar fhaileas foirfe na buadhan aig Dia. Bha e coibhneil, gaolach, agus furasta bruidhinn ris. Gun eagal sam bith, theagaisg e do chàch an fhìrinn mu dheidhinn Iehòbha.
1 Peadar 2:21-24
Rinn Iòsa rudan math ach bha gràin air.Bha gràin aig na ceannardan Iùdhach air, air sgàth gun tug e am follais an teagaisg mheallta agus na dòighean olc aca.
Shlànaich Iòsa cuideachd na h-euslaintaich agus thog e gu beatha cuid a bha air bàsachadh.
Chuir na ceannardan cràbhach ìmpidh air na Ròmanaich Iòsa a phronnadh agus a mharbhadh.