Skip to content

Cò Le Cinnteas a Tha Riaghladh an t-Saoghail?

Cò Le Cinnteas a Tha Riaghladh an t-Saoghail?

A bheil thu saoiltinn gur e . . .

  • Dia?

  • mac an duine?

  • cuideigin eile?

THA AM BÌOBALL AG RÀDH

“Gu bheil an saoghal gu lèir na laighe fo chumhachd an fhir uilc.”—1 Eòin 5:19, An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr 2017.

“B’ ann air a shon seo a nochd Mac Dhè, airson ’s gun cuireadh e às do dh’obraichean an diabhail”—1 Eòin 3:8.

THA SIN A’ CIALLACHADH DHUT

Freagairtean reusanta do thrioblaidean an t-saoghail.—Taisbeanadh 12:12.

Adhbhar airson creidsinn gun atharraich ar saoghal agus gum bi e nas fheàrr.—1 Eòin 2:17.

AN CREID SINN LE CINNT DÈ THA ANNS A’ BHÌOBALL?

Creididh, airson cò-dhiù trì adhbharan:

  • Bi riaghladh an t-Sàtain sgrioste. Geall Ièhobha gun toireadh esan gu crìoch riaghladh an t-Sàtain os cionn mac an duine. Thuirt Dia: “gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a’ bhàis— ’s e sin an diabhal” agus gu cuiridh e ceart a h-uile droch-rud a dh’adhbharaich Sàtan.—Eabhraidhich 2:14

  • Thagh Dia, Ìosa Crìost airson an saoghal a’ riaghladh. Tha Ìosa cho eadar-dhealaichte bhon droch-riaghladair fèineil an t-saoghail seo. Mu dheidhinn riaghladh Ìosa, tha Dia a’ gealltainn: “Caomhnaidh e am bochd agus am feumach . . . O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam.”—Salm 72:13, 14. Am Bìoball Gàidhlig 1992.

  • Chan urrainn Dia breug a dhèanamh. Tha Am Bìoball ag ràdh gu sìmplidh: Tha e “do-dhèanta do Dhia breug a dhèanamh.” (Eabhraidhich 6:18) Nuair a gheallaidh Iehòbha rud a dhèanamh, tha e cho math ri bhi dèante! (Isaiah 55:10, 11) “A-nis bidh riaghladair an t-saoghail seo air a thilgeil a-mach.”—Eòin 12:31.

SMAOINICH AIR

Cò ris a bhios an saoghal coltach an dèidh an riaghladair a chuir às?

Tha Am Bìoball a’ freagairt sin aig SALM 37:10, 11 agus TAISBEANADH 21:3, 4.