Dè Th’ ann an Rìoghachd Dhè?
Freagairt a’ Bhìobaill
’S e riaghaltas riochdail a th’ ann an Rìoghachd Dhè a tha stèidhichte le Dia Iehòbha. Cuideachd, tha “an rìoghachd Dhè” air ainmeachadh “rìoghachd nèimh” anns a’ Bhìoball, air sgàth ’s gu bheil i a’ riaghladh às na nèamhan. (Marcas 1:14, 15; Mata 4:17) Tha an Rìoghachd Dhè coltach ri riaghaltasan mac an duine, ach tha i nas àirde anns a h-uile dòigh.
Riaghladairean. Chuir Dia an dreuchd Ìosa Crìosd a bhith Rìgh na Rìoghachd Dhè agus tha e air a thoirt barrachd ùghdarrais na riaghladair sam bith eile. (Mata 28:18) Chleachd Ìosa an cumhachd seo airson math, a chionn ’s gu bheil e mar-tha a’ dearbhadh gur e riaghladair earbsach agus coibhneil a th’ ann. (Mata 4:23; Marcas 1:40, 41; 6:31-34; Lùcas 7:11-17) Fo stiùireadh Dhè, tha Ìosa air taghadh dhaoine bho iomadh nàisean a bhios “nan sagartan Dia agus rìoghaichidh iad air an talamh” còmhla ris anns na nèamhan.—Taisbeanadh 5:9, 10.
Ùine. Mì-choltach ri riaghaltasan mac an duine a thigeas gu crìoch, a thaobh Rìoghachd Dhè tha Am Bìoball ag ràdh, “nach tèid gu sìorraidh a sgrios.”—Daniel 2:44.
Muinntir. Faodaidh duine sam bith a tha a’ dèanamh toil Dhè a bhith ìochdaran fo Rìoghachd Dhè, a dh’aindeoin na sinnsireachd no àite-breith aca.—Gnìomhan 10:34, 35.
Òrdughan. Bidh na h-òrdughan aig Rìoghachd Dhè a’ dèanamh barrachd na giùlan ceàrr a thoirmeasg. Bidh iad a’ togail an àite moraltach aig na h-ìochdaran. Mar eisimpleir, tha Am Bìoball ag ràdh: “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam agus led uile inntinn.’ Is i seo an àithne as motha agus am prìomh thè. Agus tha an dara tè coltach rithe seo: ‘Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.’” (Mata 22:37-39) Bidh gràdh do Dhia agus do nàbaidh a’ brosnachadh ìochdarain na Rìoghachd a bhith a’ dèanamh an rud ceart airson daoine eile.
Foghlam. Fhad ’s a tha Rìoghachd Dhè a’ cumail riaghaltasan àrda airson na h-ìochdarain, bidh i cuideachd a’ teagasg daoine ciamar is urrainn dhaibh na riaghaltasan a choileanadh.—Isaiah 48:17, 18.
Misean. Cha bhi Rìoghachd Dhè a’ dèanamh beartach na riaghladairean air chosg na muinntir. An àite sin, tha am fòcas aig an Rìoghachd Dhè a bhith a’ dèanamh tòil Dhè, leis an gealltainn gum bi dhaibhsan aig a bheil gràdh dha a’ fuireach gu bràth ann am Pàrras Thalmhainn.—Isaiah 35:1, 5, 6; Mata 6:10; Taisbeanadh 21:1-4.